27 Gearran, 2017

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air co-chomhairleachadh fhoillseachadh air a dhreach den Phlana Gàidhlig.

Bu mhath le Taighean-tasgaidh Nàiseanta beachdan fhaighinn aig daoine fa leth no buidhnean aig a bheil ùidh ann ro 5.00f Diluain 10 Giblean 2017.

Bidh am plana ùr ga chur an sàs eadar 2017 agus 2021 is thèid a dhealbhadh a rèir Achd na Gàidhlig 2005.

'S e adhbhar a' phlana gun tèid dealas Taighean-tasgaidh na h-Alba dha miann is amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an cèill a rèir lèirsinn nas fharsainge na buidhne – airson Alba a cheangal leis an t-saoghal agus an saoghal le Alba – agus a thaobh farsaingeachd ar cuid chruinneachaidhean an lùib aon de na cruinneachaidhean ioma-cuspaireil as motha san Rìoghachd Aonaichte.

Mairidh an co-chomhairleachadh sia seachdainean agus thèid a dhùnadh Diluain 10 Giblean 2017.

Do Bheachdan

Tha an dreach den Plana Gàidhlig agus fios air ciamar a chuirear beachd thugainn ri fhaighinn aig www.nms.ac.uk

Feumar freagairtean sgrìobhte a chur gu gaelicplan@nms.ac.uk ro 5.00 10 Giblean 2017.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn aig Susan Gray, Oifis nam Meadhanan, Fòn 0131 247 4088 no post-d s.gray@nms.ac.uk

Làrach-lìn www.nms.ac.uk

Find out more