7 Samhain, 2017

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba air am Plana Gàidhlig ùr fhoillseachadh.

Chaidh am plana 5-bliadhna a dhealbhadh an dèidh co-chomhairleachadh poblach iomlan agus tha e air aonta fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba. Cumaidh am plana ùr taic ris na tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta a' cur ri gleidheadh na Gàidhlig.

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta a' leantainn orra a' cumail taic ris a' Ghàidhlig tro raon farsaing de an cuid obrach leithid mapaichean Gàidhlig do luchd-tadhail anns gach taigh-tasgaidh, aithrisean Gàidhlig ann an cuid de na gaileiridhean is taisbeanaidhean taistealach, prògram fa leth airson sgoiltean Gàidhlig agus slighean sgoile anns a' Ghàidhlig, am measg iomairtean eile. Tha na chaidh a dhèanamh gu ruige seo agus na tha fa near airson seirbheisean a leasachadh ri fhaicinn an lùib a' Phlana Ghàidhlig ùir.

Thuirt an t-Oll. Gordon Rintoul, Stiùiriche Thaighean-tasgaidh Nàiseanta Alba,

“Tha an dàrna Plana Gàidhlig againn a' cur ar dealais an cèill a thaobh ar cuid amasan an lùib Plana Nàiseanta na Gàidhlig, agus an lùib co-theacsa ar lèirsinn nas fharsainge – 's e sin gun tèid Alba a cheangal ris an t-saoghal agus an saoghal ri Alba da rèir.
 “Glèidhidh sinn na seirbheisean a thabhainn sinn gu ruige seo agus togaidh sinn air a' bhun-stèidh seo. Mar eisimpleir, cuiridh sinn tursan Gàidhlig air dòigh aig an Taigh-tasgaidh Nàiseanta, bheir sinn an iomairt teaghlaich am feabhas le foillseachaidhean is sgeulachdan Gàidhlig sna tràth-bhliadhnaichean agus foillsichidh sinn goireasan airson sgoiltean Gàidhlig air an làraich-lìn againn.”

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig,

“Tha Bòrd na Gàidhlig a' cur fàilte air a' Phlana Ghàidhlig ùr le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba. Tha an cuid thaighean-tasgaidh, chruinneachaidhean agus thaisbeanaidhean cudromach airson cothroman a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig gus an cànan a chleachdadh agus airson cothrom air leth a thoirt do na milleanan de luchd-tadhail às an dùthaich seo agus à dùthchannan eile gus ionnsachadh mun Ghàidhlig ann an Alba san latha an-diugh agus tro eachdraidh na dùthcha. Tha fadachd oirnn a bhith ag obair cuide ri Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba anns na còig bliadhna a tha romhainn airson ar n-amas a thoirt air adhart gun tèid cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh."

Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Susan Gray, Oifis nam Meadhanan, Fòn 0131 247 4088 no post-d s.gray@nms.ac.uk.

Fios don luchd-deasachaidh

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba air aon de na prìomh bhuidhnean taigh-tasgaidh anns an Rìoghachd Aonaichte agus anns an Roinn Eòrpa agus tha iad a' gleidheadh chruinneachaidhean a tha cudromach aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bidh a' bhuidheann a' tairgsinn iasadan, chom-pàirteachasan, agus cothroman rannsachaidh is trèanaidh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. 'S iad na taighean-tasgaidh againn – Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Itealaich, Taigh-tasgaidh Nàiseanta Dùthchail agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta a' Chogaidh. Tha goireasan gleidhidh agus rannsachaidh cho math ri cruinneachaidhean nach eilear a' taisbeanadh an-dràsta stèidhichte aig Ionad Cruinneachaidh nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Èideann.

Twitter: @NtlMuseumsScot

Facebook: www.facebook.com/NationalMuseumsScotland

Instagram: @NationalMuseumsScotland

Find out more

Back to top