Ullaich do thuras gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Amannan fosglaidh

Gu làitheil: 10:00-17:00
Là na Nollaig: Dùinte
Là Bogsaidh: 12:00-17:00
Là na Bliadhn’ Ùir: 12:00-17:00


Inntrigeadh

Tha e an-asgaidh faighinn a-steach do Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Ach, dh’fhaodadh tàille a bhith ri phàigheadh airson taisbeanaidhean sònraichte.

A’ tighinn an-seo air a’ bhus no air an trèan

Tha grunn bhusaichean a’ stad a-muigh air an taigh-tasgaidh air Sràid Chambers, no faisg air Drochaid Sheòrais IV agus Drochaid a Deas. Tadhail air làrach-lìn Lothian Buses airson tuilleadh fiosrachaidh. Tha Edinburgh Bus Tours a’ stad aig an taigh-tasgaidh cuideachd.

Is e Edinburgh Waverley an stèisean-rèile as fhaisge. Tha e a’ toirt 10-15 mionaidean a’ coiseachd gu ruige an taigh-tasgaidh bhon stèisean.

Tadhail air www.travelinescotland.com airson an dòigh-shiubhail agad ullachadh.

A’ pàirceadh aig an taigh-tasgaidh               

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.edinburgh.gov.uk/parking.

Mapaichean taigh-tasgaidh

Luchdaichidh tu a-nuas mapa den taigh-tasgaidh an-seo.

Ag ithe aig an taigh-tasgaidh

Tha trì àitean-bìdh san taigh-tasgaidh: am Balcony Café, Museum Brasserie agus Tower Restaurant. Tha an Café agus Brasserie fosgailte 10:00-17:00. Tha Taigh-bìdh an Tùir fosgailte 10:00-23:00.

A’ tadhal còmhla ris a’ chloinn

Tha fàilte ro theaghlaichean agus clann de gach aois aig an Taigh-tasgaidh Nàiseanta. Tha sinn a’ tabhann grunn ghailearaidhean agus ghnìomhan gu sònraichte don chloinn. Tha daoine ionnsaichte ann an ciad-fhuasgladh ann an-còmhnaidh agus tha poileasaidh againn airson dèiligeadh ri cloinn a th’ air an dealachadh bho an cuideachd.

Tha seòmar nam badan air a’ mhòr-chuid de na làran san taigh-tasgaidh agus tha ar gailearaidhean ruigsinneach don a h-uile duine le lioftaichean agus rampaichean.

Cuairtean

Tha trì cuairtean làitheil an-asgaidh anns an taigh-tasgaidh:

  • Rannsaich an Taigh-tasgaidh Nàiseanta 11:00-12:00
  • Rogha Ghailearaidhean na h-Alba 13:00-14:00
  • Cuairt air cuspair àraidh (ag atharrachadh gu làitheil) 15:00-16:00.

Chan fheumar cuairtean a bhucadh ro làimh. Barrachd fiosrachaidh an-seo.

Gus cuairt le cothroman làimhseachaidh no Cainnt-shanais Bhreatainn a chur air dòigh, cuir post-dealain gu tours@nms.ac.uk no fòn gu 0131 247 4041, trì seachdainean ro làimh aig a’ char as lugha.

Is urrainn dhut an taigh-tasgaidh a rannsachadh cuideachd leis an aplacaid Museum Highlights, aig a bheil ceithir roghainnean cànain: Beurla, Fraingis, Gearmailtis agus Spàinntis.

Tursan Bhuidhnean      

Ma tha dùil agad tadhal air Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba mar phàirt de bhuidheann, leig fios dhuinn gu bheil sibh a’ tighinn gus an cuidich sinn le ur turas ullachadh.

Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu bhucadh mar bhuidheann agus mu chuairtean-iùil sònraichte cuir fòn gu 0131 247 4041 no post-dealain gu tours@nms.ac.uk.

Cuir fòn gu 0300 123 6789 gus bucadh buidhne a dhèanamh (deichnear no barrachd) airson ar taisbeanaidhean sònraichte, agus airson sochair prìs nam buidhnean fhaighinn,.

Slighe a-steach le luchd-tadhail ciorramach

Gheibhear a-steach don Taigh-tasgaidh air an làr ìosal tro phrìomh dhoras na Trannsa A-steach air Sràid Chambers agus tro bheul an Tùir aig oisean Sràid Chambers is Drochaid Sheòrais IV.

Tha cathraichean-cuibhle rin gabhail air iasad saor ’s an-asgaidh. Nuair a ruigeas tu, faighnich aig Deasg an Fhiosrachaidh. Chan urrainnear cathraichean-cuibhle a bhucadh ro làimh.

Tha lioftaichean rim faighinn gu gach làr agus tha àitean-suidhe ann air feadh an taigh-tasgaidh. Tha taighean-beaga ruigsinneach ann air a’ mhòr-chuid de na làran.

Tha lùb-claisneachd ann aig Deasg an Fhiosrachaidh, san Ionad-èisteachd agus ann an talla-òraid Seòmar Dhùn Phàrlain.

Tha cead aig coin-iùil, coin-chlaisneachd agus coin-chobhrach aithnichte eile tighinn a-steach.                   

Tha ceithir àitean pàircidh poblach air an comharrachadh do luchd-tadhail ciorramach air Sràid Chambers. Tha na h-àitean seo an-asgaidh ach thoir fa-near nach gabh am bucadh ro làimh.

Wi-Fi

Back to top