About In Conversation: Tìr nam Beann, Scotland's Gaelic Mountain Culture

An evening panel conversation exploring the relationship between Gaelic culture and Scotland’s hills.  

Còmhradh panail feasgair a’ rannsachadh a’ cheangail eadar cultar na Gàidhlig agus beanntan na h-Alba.

Join us afterhours at the museum for a panel discussion. Explore the relationship between Gaelic culture and Scotland’s hills in the 21st century.  

The event will be chaired by TV presenter, film-maker, broadcaster and outdoor swimmer, Calum Maclean. He will be joined by Domhnall Uilleam Stiùbhart, Eilidh Sykes and Ross Christie. Together, they will draw upon their experiences of and perspectives on the hills of Scotland. The discussion will explore how Gaelic culture and language is connected with the landscape.

Thigibh còmhla rinn às dèidh àm dùnaidh aig an taigh-tasgaidh airson deasbad panail a rannsaicheas an ceangal eadar cultar na Gàidhlig agus beanntan na h-Alba san 21mh linn.  

Bidh an neach-aithris TBh, neach-dèanaimh fhilmichean, craoladair agus snàmhaiche a-muigh, Calum MacGilleathain, na chathraiche air an tachartas. Na chuideachd, bidh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Eilidh Sykes agus Ross Christie. Còmhla, innsidh iad na dh’fhiosraich iad mu bheanntan na h-Alba agus beachdachaidh iad air mar a tha cultar agus cànan na Gàidhlig ceangailte ris an t-sealladh-tìre. 

Chair / Cathraiche: Calum Maclean

Calum Maclean (@caldamac) is a broadcaster, specialising in the outdoors & adventure. Often working in his native Gaelic, he seeks to connect people to the outdoors and the Gaelic language. He was raised speaking Gaelic in Inverness, with West Highland connections. Calum is also a qualified Mountain Leader.

Tha Calum MacIlleathain (@caldamac) ag obair mar chraoladair, le fòcas air a' bhlàr a-muigh agus cuir-seachadan dàna. Gu tric ag obair anns a' Ghàidhlig, bidh e ag amas air daoine a' thàladh an dà chuid dhan chruth-tìre agus a' Ghàidhlig. Chaidh a' thogail leis a' Ghàidhlig ann an Inbhir Nis, le ceanglaichean dha Taobh Siar na Gàidhealtachd. Tha Calum cuideachd na Threòraiche Beinne.

Eilidh Sykes

Eilidh Cameron Sykes (@eilidhcameronsykes) is a Gaelic speaker from Lochaber with a background in media, heritage, and outdoor culture. She works as a Gaelic Development Officer with Trees for Life and the National Trust for Scotland, and is the founder of Beinn Nibheis, the first outdoor sports retailer for and by women.

Tha Eilidh Camshron-Sykes na Gàidheal à Loch Abar le cùl-fhiosrachadh ann am meadhanan, dualchas agus cultar coiseachd nam beann. Tha i ag obair mar Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig le Trees for Life agus Urras Nàiseanta na h-Alba, agus ’s i stèidheadair Beinn Nibheis, a’ chiad bhùth reic spòrs a-muigh do bhoireannaich agus le boireannaich.

Domhnall Uilleam Stiùbhart

Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart was brought up in Lewis, an island with many hills and few mountains. He is now based in Skye, at Sabhal Mòr Ostaig, Scotland’s National Centre for Gaelic language and culture, where he is Course Leader for the MSc in Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd (Material Culture and Gàidhealtachd History). He publishes widely on the history, literature, material culture, ethnology, folklore, and popular culture of the Scottish Gàidhealtachd.

Chaidh Domhnall Uilleam a thogail ann an Leòdhas, eilean le iomadach cnoc ach le glè bheag de bheanntan. ’S ann anns an Eilean Sgitheanach a tha e a’ fuireachd a-nis, far a bheil e ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig mar stiùiriche-cùrsa dhan MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd. Bidh e a’ dèanamh tòrr rannsachaidh agus sgrìobhaidh mu eachdraidh, litreachas, cultar dùthchasach, agus beul-aithris nan Gàidheal.

Ross Christie

Ross Christie spends much of his professional and leisure time in the hills as a keen walker, leader and rescuer. In recent years as a member of Oban Mountain Rescue Team, he has become intimately familiar with the most obscure corries and glens of Argyll, and has also developed a pocket guide to the Gaelic landscape for aspiring and existing outdoor professionals in Scotland.

Bidh Ross Christie a' cur seachad mòran de chuid ùine shaor agus obrach a-muigh anns na monaidhean mar neach-beinne, neach-iùil proifeasanta agus neach-teasargainn cuideachd. Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, tha e air dhol an-sàs le Sgioba Teasairginn-beinne an Òbain, agus tron sin tha e air thighinn gu bhith mion-eòlach air na coireachan agus glinn as iomallaiche an Earra-Ghàidheal. Tha e cuideachd air iùil-pòcaid ullachadh airson iùilichean beinne proifeasanta, a bhios na chuideachadh airson a bhith a' tuigsinn agus a' fuaimneachadh ainmean nam beanntan Albannach.

Partners

This event is in partnership with Sabhal Mòr Ostaig and supported by Bòrd na Gàidhlig. 

Tha an tachartas seo ann an compàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Accessibility and facilities

We want everyone who comes to our museums to enjoy their time with us and make the most of their visit. 

How to get to the space

You can make your way to the Auditorium by walking through the Lothian Entrance. There is a ramp on the left-hand side once you enter the building.

The door to the Auditorium is not automatic and cannot be opened by a push pad. During an event it may already be open or you can open it by pulling it towards you. 

Wheelchair access

There are four designated spaces for wheelchairs in the Auditorium. Two are at the front on Level 1 and two are at the back on Level 2. You can access the upper spaces by taking the lift next to the Auditorium. A staff member will be available to give directions to the lift. 

These spaces can be booked in advance. Please contact publicevents@nms.ac.uk to book a designated wheelchair space. 

There is significant space to use a wheelchair in the Auditorium. 

Please ask a member of staff if you'd like to borrow a wheelchair after you've arrived. They cannot be booked in advance. 

Seating

Seats in the Auditorium are fixed and tiered. There are steps and handrails on either side of the seating rows. 

The seats are cushioned and have arm rests on either side. 

There is 18cm of leg room between rows. 

If you require a seat at the front or near the front, please get in touch at publicevents@nms.ac.uk

Hearing induction loops

There is an induction loop in the Auditorium. 

Toilets and baby changing

The nearest toilets are on Level 1 next to the Lothian Street Entrance. There are standard toilets and an accessible toilet. A baby changing table is located in the accessible toilet. 

If you require a changing places toilet, please ask a member of staff. 

Ruigsinneachd agus goireasan 

Tha sinn ag iarraidh gum faigh a h-uile duine a thig chun nan taighean-tasgaidh tlachd às an ùine aca còmhla rinn agus gum faigh iad a’ chuid as fheàrr às an turas. 

Mar a gheibh sibh thugainn 

Gheibh sibh chun an Talla-èisteachd tro Dhoras Shràid Lodainn. Tha rampa air an taobh chlì air taobh a-staigh an togalaich. 

Chan eil doras an Talla-èisteachd fèin-ghluasadach agus chan urrainnear fhosgladh le pada putaidh. Nuair a tha tachartas a’ dol is dòcha gum bi e fosgailte co-dhiù no faodar fhosgladh le bhith ga tharraing.

Ruigsinneach do chathair-chuibhle 

Tha ceithir àiteachan glèidhte airson chathraichean-cuibhle san Talla-èisteachd. Tha dhà aig an aghaidh air Ìre 1 agus dhà aig a’ chùl air Ìre 2.  Faodar faighinn gu na làir gu h-àirde anns an lioft ri taobh an Talla-èisteachd. Bidh neach-obrach ann gus bhur stiùireadh chun an lioft.  

Faodar na h-àiteachan seo a ghlèidheadh ro-làimh. Cuiribh fios gu publicevents@nms.ac.uk.  

Tha an Talla-èisteachd gu math freagarrach airson cathair-chuibhle a chleachdadh.  

Ma tha sibh airson cathair-chuibhle fhaighinn air iasad nuair a ruigeas sibh, innsibh do neach-obrach. Chan urrainnear an glèidheadh ro-làimh.   

Àiteachan-suidhe 

Tha na suidheachain san Talla-èisteachd stèidhichte agus a’ dìreadh ann an sreathan. Tha steapaichean agus rèilichean-làimhe air gach taobh de na sreathan shuidheachan.  

Tha na suidheachain bog le gàirdean air gach taobh dhiubh.  

Tha 18cm de rùm ann do chasan eadar na sreathan.  

Ma dh’fheumas sibh suidheachan aig an aghaidh no faisg air an aghaidh, cuiribh fios gu publicevents@nms.ac.uk. 

Lùban claisneachd

Tha lùb claisneachd san Talla-èisteachd. 

Taighean-beaga agus goireasan leanaban 

Tha na taighean-beaga as fhaisge air Ìre 1 ri taobh Doras Shràid Lodainn.  Tha taighean-beaga àbhaisteach agus taigh-beag ruigsinneach ann.  Tha bòrd bhadan do leanabain anns an taigh-bheag ruigsinneach.  

Ma dh’fheumas sibh taigh-beag ‘changing places’, faighnichibh do neach-obrach.