News Story

This article is available in English

Read in English

Tha cruinneachadh nithean a bhuineas dhan latha an-diugh na dhòigh gus eòlas a chur air a’ bhuaidh a bheir atharrachadh laghan is phoileasaidhean cho math ri beachdan ag atharrachadh air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.

An-diugh, tha na soidhnichean air fad air na prìomh-rathaidean ann an Ceann an Iar-thuath na h-Alba ann an Gàidhlig an toiseach leis a’ Bheurla foidhpe. San fhilm seo tha an seinneadair Anna Mhàrtainn agus an t-eòlaiche Gàidhlig Eilidh Sgaimeal a-mach air buaidh nan soidhnichean dà-chànanach seo. A’ beachdachadh air samhla de shoidhne-rathaid às an Eilean Sgitheanach, a thug Còmhdhail Alba seachad mar thiodhlac, tha sinn a’ cluinntinn mun fharsaingeachd àiteachan às an tàinig ainmean-àite na h-Alba agus mun cheangal dhlùth eadar a’ Ghàidhlig agus cruth na tìre.

Thèid an soidhne-rathaid seo a ghleidheadh anns na Cruinneachaidhean Nàiseanta agus chan eilear ga thaisbeanadh an-dràsta.