About Sgeulachdan Gàidhealach

Thoiribh dualchas nan Gàidheal gu aire airson Seachdain na Gàidhlig. Rùraich rudan iongantach bhon Cho-chruinneachadh againn agus cluinn na sgeulachdan saidhbhir a tha na rudan sin ag innse mu eachdraidh, dùthchas agus dearbh-aithne nan Gàidheal.  

Bidh seiseanan ri fhaighinn sa Ghàidhlig agus sa Bheurla

Dè bhios na sgoilearan agam a’ dèanamh anns an t-seisean? 

Bidh na sgoilearan: 

  • Ag ionnsachadh mu cuid dhe na rudan Gàidhealach a tha sa Cho-chruinneachadh againn, nam measg tha Pìosan-tàileisg Leòdhais, Leabhar Dearg Chlann Raghnaill, agus Bràiste Hunterston
  • A’ gabhail pàirt ann am farpais-cheist eadar-obrachail
  • A’ cleachdadh rudan bho thaighean-tasgaidh mar phrìomh thùsan
  • A’ tomhais dè th’ anns an rud-dìomhair.

Mu na Seiseanan Sgoile Didseatach 

Tha na Seiseanan Sgoile Didseatach a’ toirt an taigh-tasgaidh chun an t-seòmair-sgoile agaibh. Tha na seiseanan saor an-asgaidh agus fo stiùir sgioba de Luchd-conaltraidh Foghlaim. That na seiseanan gan ruith tro Microsoft Teams. 

Leugh na FAQs airson tuilleadh fiosrachaidh mu na seiseanan.

Dèan cinnteach gun toir sibh sùil is gun clàraich sibh air na seiseanan seo, còrdaidh iad ris a’ chlas agad!

Tidsear C2/3, Lannraig a Tuath

Ceangailean Curraicealaim

SOC 1-02a, SOC 1-04a, SOC 2-03a,  SOC 2-04a 

LIT 1-01a / LIT 1-02a, LIT 1-07a, LIT 2-07a  

LGL 1-01a, LGL 2-01a, LGL 1-09a, LGL 2-09a

LNG 1-01a, LNG 2-01a,LNG 1-09a, LNG 2-09a

EXA 1-02a, EXA 2-02a

RME 1-02a, RME 2-02a , RME 1-04a, RME 2-04a,  

RME 1-05a, RME 2-05a, RME 1-07a, RME 2-07a

Amasan na Cruinne airson So-sheasmhachd

4, 10, 11, 16

Frèam-obrach sgilean-meata

Fhèin-riaghladh: Fòcasachadh, Neònachas Treibhdhireas 

Tuigse Sòisealta: Conaltradh, Faireachdainn 

Ùr-ghnàthachas: Cruthachaileachd, Dèanamh Ciall, Breithneachadh