This content is available in English

Read in English

Aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gum faigh an luchd-tadhail againn seirbheis de dh’àrd-chàileachd.

Gus fios-air-ais a thoirt dhuinn no gearan a dhèanamh gu luath, lìon am foirm conaltraidh air-loidhne againn

Faigh barrachd fiosrachaidh mu na dòighean-obrach againn airson fios-air-ais agus gearanan gu h-ìosal.

Air an duilleig seo

Na gealltanasan againn

Mar phàirt de na h-ìrean seirbheis againn, nì sinn na leanas:

  • Freagraidh sinn gairmean fòn taobh a-staigh 30 diog
  • Freagraidh sinn litrichean is puist-d taobh a-staigh còig làithean-obrach (gun a bhith a’ gabhail a-steach deireadh-sheachdainean)
  • Bidh dòigh-obrach ghearanan sìmplidh is èifeachdach againn, a tha air a dealbhadh gus ceistean fhuasgladh gu luath, agus gus na seirbheisean againn a leasachadh. 

Dòigh-obrach a thaobh fios-air-ais

Ma tha thu airson fios-air-ais a thoirt dhuinn seach gearan a dhèanamh, tha sinn a’ cur fàilte air a h-uile beachd is moladh oir tha iad a’ toirt cothrom dhuinn taing a thoirt do luchd-obrach no gus piseach a thoirt air na seirbheisean againn.

Dè th’ ann am fios-air-ais?

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan bho luchd-tadhail agus luchd-cleachdaidh. Innis dhuinn:

  • Ma tha an turas agad air còrdadh riut gu sònraichte
  • Ma tha molaidhean agad airson a bhith a’ toirt piseach air na seirbheisean no goireasan againn
  • Ma tha thu den bheachd nach robh na seirbheisean den ìre iomchaidh. 

Feuchaidh sinn, cho fad ’s as urrainn dhuinn, ri fuasgladh fhaighinn air duilgheadasan sam bith. Ach, dh’fhaodte gum bi againn ri fios-air-ais a chur air adhart gu neach no sgioba iomchaidh taobh a-staigh na buidhne. 

Ciamar a bheir thu fios-air-ais dhuinn?

Aghaidh ri aghaidh

Ma tha thu aig fear de na taighean-tasgaidh againn, bruidhinn ri ball de Roinn an Luchd-tadhail againn. 

Air-loidhne

’S urrainn dhut: 

Air a’ fòn

Faodaidh tu fios a chur thugainn air a’ fòn aig:

  • 0300 123 6789 (seachd latha san t-seachdain, 10:00 - 17:00)

Tron phost

Faodaidh tu sgrìobhadh thugainn aig: 

Ceann Roinn an Luchd-tadhail
Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba
Sràid Chambers
Dùn Èideann EH1 1JF

Dè thachras an uair sin?

Dearbhaidh sinn gun d’ fhuair sinn d’ fhios-air-ais. Ma chur thu do bheachdan a-steach ann an sgrìobhadh agus ma tha thu air freagairt iarraidh, cuiridh sinn fios air ais thugad taobh a-staigh 5 latha-obrach.


Dòigh-obrach nan gearanan

Ma thèid rudeigin ceàrr no ma tha thu mi-thoilichte le ar seirbheisean, feuch gun innis thu dhuinn. 

Dè th’ ann an gearan?

Tha sin a’ meas mì-thoileachas sam bith a chuirear an cèill mu rud sam bith a rinn sinn no nach do rinn sinn, no mu chàileachd seirbheis a thug sinn seachad no a chaidh a thoirt seachad às ar leth mar ghearan.

Cò as urrainn gearan a dhèanamh?

Faodaidh duine sam bith gearan a dhèanamh dhuinn, a’ gabhail a-steach riochdaire aig cuideigin nach eil riaraichte leis an t-seirbheis againn.

Cò mu dheidhinn as urrainn dhomh gearan a dhèanamh?

Is urrainn dhut gearan a dhèanamh mu rudan den t-seòrsa seo:

  • Dàil ann a bhith a’ freagairt do cheistean agus iarrtasan
  • Ìre nan seirbheisean againn
  • Na poileasaidhean againn
  • Gnìomhan aig neach-obrach
  • Mur an do lean sinn dòighean-obrach mar as còir.

Dh’fhaodte gum bi an gearan agad a’ gabhail a-steach còrr is aon roinn no a bhith mu chuideigin a tha ag obair às ar leth.

Cò mu dheidhinn nach urrainn dhomh gearan a dhèanamh?

Tha cuid de rudan nach urrainn dhuinn dèiligeadh ris tro phròiseas làimhseachaidh nan gearanan againn. Tha iad seo a’ gabhail a-steach:

  • Iarrtas àbhaisteach airson seirbheis airson a’ chiad uair
  • Iarrtasan airson airgead-dìolaidh
  • Oidhirp sam bith gus gearan a chaidh a cho-dhùnadh roimhe ath-fhosgladh no gus ath-bheachdachadh air gearan far a bheil sinn air an co-dhùnadh mu dheireadh a thoirt seachad mar-thà.

Mas urrainn do dhòighean-obrach no còraichean ath-thagraidh eile do chuideachadh gus na draghan agad fhuasgladh, bheir sinn seachad fiosrachadh agus comhairle mun deidhinn gus do chuideachadh.

Dè cho fad ’s a th’ agam gus gearan a dhèanamh?

Mar as trice, feumaidh tu gearan a dhèanamh taobh a-staigh sia mìosan:

  • Bhon tachartas a tha thu airson gearan mu dheidhinn
  • Bho bhith a’ faighinn a-mach gu bheil adhbhar gearain agad, ach gun a bhith nas fhaide na 12 mìosan às dèidh an tachartais fhèin.

Ann an suidheachaidhean fìor shònraichte, dh’fhaodte gum bi e comasach dhuinn gabhail ri gearan às dèidh na crìch-ama. Ma tha thu den bheachd nach bu chòir dhan crìoch-ama a bhith ann airson a’ ghearain agad, innis dhuinn.

Ciamar a nì mi gearan?

Tha e nas fhasa dhuinn gearanan fhuasgladh ma nì thu gu luath iad agus ma nì thu iad dhan luchd-obrach bhuntainneach. Mar sin, nach fheuch thu ri bruidhinn ri ball den luchd-obrach againn mun t-seirbheis mum bheil thu a’ gearan.

Is urrainn dhaibh feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air duilgheadas sam bith sa bhad.

Nuair a nì thu do ghearan, thoir dhuinn am fiosrachadh a leanas: 

  • D’ ainm agus do sheòladh
  • Uiread a dh’fhiosrachadh ’s a th’ agad mun ghearan
  • Na tha air a dhol ceàrr nad bheachd
  • Mar a tha thu airson ’s gum fuasgail sinn a’ chùis seo.

Aghaidh ri aghaidh

Faodaidh tu gearan a dhèanamh gu pearsanta aig gin de na taighean-tasgaidh againn do neach-obrach sam bith againn, ach chan ann do shaor-thoilich no cunnradairean.  

Air-loidhne

’S urrainn dhut: 

Air a’ fòn

Faodaidh tu fios a chur thugainn air a’ fòn aig: 

  • 0300 123 6789 (seachd latha san t-seachdain, 10:00 - 17:00)

Tron phost

Faodaidh tu sgrìobhadh thugainn aig: 

Ceann Roinn an Luchd-tadhail
Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba
Sràid Chambers
Dùn Èideann EH1 1JF

A’ faighinn taic gus do ghearan a dhèanamh

Tha sinn a’ tuigsinn gur dòcha nach bi thu comasach no deònach gearan a dhèanamh dhut fhèin. 

Gabhaidh sinn ri gearanan bho riochdaire aig neach a tha mì-thoilichte leis an t-seirbheis againn. Is urrainn dhuinn gabhail ri gearanan bho charaid, neach-dàimh no bho neach-tagraidh, ma tha thu air cead a thoirt dhaibh gearan a dhèanamh às do leth.

Tha sinn airson ’s gum bi an t-seirbheis againn furasta ri cleachdadh airson gach ball den choimhearsnachd. A rèir nan dleastanasan co-ionannachd reachdail againn, nì sinn cinnteach daonnan gun tèid atharrachaidhean reusanta a dhèanamh gus custamairean a chuideachadh le bhith a’ faighinn cothrom air agus a’ cleachdadh ar seirbheisean. 

Ma tha duilgheadas agad le bhith a’ cur do ghearan ann an sgrìobhadh, no ma tha thu ag iarraidh an fhiosrachaidh seo ann an cànan no cruth eile (leithid cruth-clò mòr, fuaim no Braille), feuch an innis thu dhuinn gu pearsanta, no cuir fòn no post-d thugainn. 

Caidreachas Tagraidh Neo-eisimeileach na h-Alba

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu luchd-tagraidh san sgìre agad le bhith a’ cur fios gu Caidreachas Tagraidh Neo-eisimeileach na h-Alba. 

Cuir fios thuca: 

Dòigh-gearain a tha freagarrach do Chloinn  

Thèid gach gearan a bheir buaidh air duine-cloinne sam bith a làimhseachadh ann an dòigh a bhios a rèir nan còraichean aca uile fo Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean an Leanaibh (UNCRC).  

Tha seo a’ gabhail a-steach gearanan a chaidh a thogail gu dìreach le duine-cloinne, a bharrachd air gearanan a chaidh a thogail le inbheach, an dàrna cuid às leth duine-cloinne, no mu chùisean a bheir buaidh air duine-cloinne. 

Airson gearanan den t-seòrsa seo, thèid stiùireadh Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba air Dòigh-gearain a tha freagarrach do Chloinn a leantainn. 

Dè thachras an uair sin?

Innsidh sinn daonnan dhut cò a bhios a’ dèiligeadh ris a’ ghearan agad. 

Tha dà ìre ann am pròiseas nan gearan againn:

  • Ìre 1: Fuasgladh loidhne-tòisich
  • Ìre 2: Lèirmheas. 

Ìre 1: Fuasgladh loidhne-tòisich

Tha sinn ag amas air gearanan fhuasgladh gu luath agus faisg air far an deach an t-seirbheis mu bheilear a’ gearan a thoirt seachad. 

Mar eisimpleir, dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach: 

  • Mìneachadh air a’ chùis a tha ga togail
  • Dh’fhaodadh seo a bhith a’ ciallachadh leisgeul sa bhad agus mìneachadh anns a bhad ma tha e soilleir gun deach rudeigin ceàrr, agus gnìomh luath gus an duilgheadas fhuasgladh.

Bheir sinn dhut an co-dhùnadh againn aig Ìre 1 taobh a-staigh còig làithean obrach (i.e. Diluain gu Dihaoine) no nas lugha, ach a-mhàin ma tha suidheachadh fìor shònraichte ann.

Mur a tèid againn air an gearan agad fhuasgladh aig an ìre seo, mìnichidh sinn carson agus innsidh sinn nas urrainn dhut dèanamh an uair sin. Dh’fhaodte gum mol sin gun toir thu do ghearan gu Ìre 2. Faodaidh tu seo a dhèanamh sa bhad no uaireigin às dèidh dhut an co-dhùnadh tùsail againn fhaighinn.

Ìre 2: Lèirmheas

Bidh ìre 2 a’ dèiligeadh ri dà sheòrsa gearain: 

  • An fheadhainn nach deach fhuasgladh aig Ìre 1
  • An fheadhainn a tha iom-fhillte agus a dh’fheumas sgrùdaidh mionaideach a bharrachd.

Nuair a tha sinn a’ cleachdadh Ìre 2:

  • Leigidh sinn fios gun d’fhuair sinn an gearan agad taobh a-staigh trì làithean obrach
  • Nuair a tha e iomchaidh, bruidhnidh sinn ribh mun ghearan agad gus an tuig sinn carson a tha thu fhathast mì-riaraichte agus dè am fuasgladh a tha thu a’ sireadh
  • Bheir sinn dhut làn fhreagairt dhan ghearan cho luath ‘s a ghabhas agus taobh a-staigh 20 latha-obrach (sin Diluain gu Dihaoine).

Ma tha an sgrùdadh againn gu bhith a’ toirt barrachd air 20 latha-obrach, innsidh sinn dhut. Mìnichidh sinn dhut an clàr-ama ùraichte againn agus cumaidh sinn fios thugad mu adhartas.

Dè thachras ma bhios mi mì-thoilichte fhathast? 

Às dèidh dhuinn làn rannsachadh a dhèanamh, ma tha thu fhathast mì-riaraichte leis an fhreagairt againn no leis an dòigh san do dhèilig sinn ris a’ ghearan agad, faodaidh tu iarraidh air Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO) sùil a thoirt air.

Mar as trice, cha bheachdaich an SPSO air na leanas:

  • Gearan nach deach tro dhòigh-obrach nan gearanan againn air fad
  • Tachartasan a thachair, no a dh’ionnsaich thu mu dheidhinn, còrr is bliadhna air ais
  • Cùis a tha, no a bha, air beulaibh cùirt.

Tadhail air làrach-lìn SPSO gus barrachd fiosrachadh fhaighinn mu mar a chuireas tu fios thuca. 


Aithisg air Làimhseachadh Ghearanan

Faodar an aithisg againn air Làimhseachadh Ghearanan a thoirt seachad sa Ghàidhlig air iarrtas. Lìon am foirm conaltraidh againn gus lethbhreac den aithisg iarraidh.